Naidheachdan 11:00m
Teisteanasan Banachdaich
Tha dùil ri naidheachdan-diugh bho Nicola Sturgeon air bacaidhean a' Choròna-bhìorais. Tha ceannardan gnothachais a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba gun sgeama nan teisteanas banachdaich a leudachadh. Tha iad ag ràdh gum faodadh gum bi fìor dhroch bhuaidh ionmhasail aige sin air cuid de ghnothachasan aoigheachd.
Liverpool
Chaidh an ceathrar fhireannach a thugar an grèim fo Achd na Ceannairc an dèidh spreadhadh taobh a-muigh Ospadail Mhnàthan Liverpool Là na Sàbaid a shaoradh gun chasaid. Dh'ainmich na Poilis an duine a bhàsaich nuair a spreadhadh am boma ann an cùl tacsaidh mar Emad Al Swealmeen, aois 32. Thathas a' tuigsinn gun robh e air a bhith a' sireadh comraich, agus gun deach iompachadh gu a' chreideamh Chrìosdail ann an 2017.
Cosnadh
Tha na ciad fhigearan oifigeil mu chion-cosnaidh bho thàinig an sgeama fòrlaidh gu ceann a' sealltainn nach robh cus buaidh aige sin air an àireimh dhaoine a bha gun obair. Dh'èirich an àireamh dhaoine a bh' ann an obair chlàraichte san Damhair ann an Alba, agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte, gu ìre nas àirde na bh' ann ro Chovid. Thuit an àireamh dhaoine ann an Alba a bha a' sireadh obrach eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain gu 4.1%.
Antibiotics
Sheall aithisg gun do thuit na tha de dhaoine ann na Alba a tha a' cleachdadh antibiotics 17.1%. Tha an aithisg bho NHS Seirbheisean Nàiseanta na h-Alba cuideachd a' sealltainn gun deach na thathas a' cleachdadh de dh'antibiotics ann am prìomh chùram a-nuas 20.9% bho 2016. Tha proifeasantaich shlàinte air a bhith a' feuchainn ri gearradh air ais air na tha iad a' toirt seachad den droga ann an oidhirp an cumail cho èifeachdach 's a ghabhas.
Belarus
Thuirt ceann-suidhe Bhelarus, Alexandr Lukashenko, gu bheil e airson buaireadh a sheachnadh, às dèidh dha a bhith air a chur às a leth gu bheil e a' feuchainn ri staing in-imrich a chruthachadh aig a' chrìch leis a' Phòlainn. Chleachd oifigearan Pòlannach gas deòir agus canannan uisge an aghaidh fhògarrach a bha a' tilgeil chlachan 's iad a' feuchainn ri feansa a leagail. Tha an EU a' bagairt tuilleadh smachd-bhannan a chur air Belarus ri linn na tha a' tachairt.
Crith-thalmhainn
Agus chaidh crith-thalmhainn fhaireachdainn ann an sgìre de thaobh siar na h-Alba sa mhadainn. Thachair i goirid ro 02:00m. Thathas a' tuigsinn gun robh cridhe na crith-thalmhainn, anns an robh neart 3.1 mu 11 mìle an iar-thuath air Ceann Loch Gilp.