Còrr is 1,000 cùis Covid an sgoiltean na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras 's a' Ghàidhealtachd

Bha còrr 's 1,000 cùis de Chovid-19 ann an sgoiltean na Gàidhealtachd bho shaor-làithean an Damhair.

Tha a' chuid as motha dhiubh sin ann am bun-sgoiltean na sgìre.

Bha còrr 's 80 cùis ann am bun-sgoil Abhach san Eilean Dubh o chionn ghoirid.

Tha Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig Bord-Slàinte na Gàidhealtachd den bheachd gum faodadh gu bheil am bhìoras a' sgapadh am measg sgoilearan air na busaichean sgoile.

"'S e na tha 's dòcha iongantach, na tha de Chovid ann an aon chlas sam bith," thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dtr Tim Allison.

"Dh'fhaodamaid clas a lorg san robh a' mhòr-chuid, no a' mhòr-mhòr-chuid ann an an corra shuidheachadh, a' faighinn dearbhadh air Covid.

"Tha sin annasach.

"'S e na h-adhbharan air cùlaibh sin, agus na h-adhbharan air cùlaibh nan àireamhan mòra gu h-ionadail, tha mi an dùil gu bheil corra rud ann.

"Eisimpleir dheth 's dòcha, 's e na tha de chloinn a' siubhal air busaichean beaga, 's an cothrom a th' ann dhan bhìoras sgapadh an sin.

"Feumaidh sinn a bhith an-còmhnaidh air faire airson Covid a bhith a' sgapadh, 's na ceumannan a dh'fheumas a ghabhail an aghaidh sin.

"Gu mì-fhortanach, ann an corra-shuidheachadh tha sin a' fàgail gum feumar clasaichean a dhùnadh 's a' chlann cumail fa leth," thuirt e.