
Tha buidhnean-slàinte ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba bun-phrìs na dibhe a chur suas bho 50sg gach aonad gu 65sg.
Thuirt an luchd-iomairt gun sàbhaileadh àrdachadh beatha dhaoine.
Tha bun-phrìs a' ciallachadh nach faodar deoch-làidir a reic ann an Alba air prìs a tha nas lugha na 50sg gach aonad de dh'alcol a tha ann.
Thug Pàrlamaid na h-Alba taic dhan phoileasaidh seo o chionn naoi bliadhna, ach le dàil fhada ga chur air sna cùirtean, cha tàinig a' bhun-phrìs a-steach gu 2018.
A-nis tha 28 buidhnean air an ainmean a chur ris an litir seo, carthannasan slàinte is cloinne nam measg.
Tha iad air sgrìobhadh gu runaire na slàinte Humza Yousaf, is iad ag ràdh gum bu chòir a' bhun-phrìs àrdachadh.
Thuirt iad nach eil am poileasaidh cho èifeachdach 's a bha e air sgàth na h-atmhorachd, agus gu bheil am pandemic air cleachdaidhean òil atharrachadh.
Tha an Dtr Sìne Dickson a' toirt taic ris seo.
"Tha an rannsachadh a' sealltainn gu bheil seo, fiù aig 50sg, air feum a dhèanamh agus air nas lugha de chron a dhèanamh air euslaintich a thaobh deoch-làidir," thuirt i.
"Tha an suidheachadh cho dona an-dràsta a thaobh deoch-làidir agus rud sam bith a ghabhas dèanamh a nì feum, bu chòir a dhèanamh."
Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon gun cùm an Riaghaltas orra a' dèanamh ath-sgrùdaidh air a' bhun-phrìs.