
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil geamhradh doirbh gu bhith romhpa.
Thàinig orra obair-lannsa nach eil riatanach a chur dheth aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis agus an t-ospadal fo chuideam mòr an-dràsta.
Thuirt am bòrd slàinte gun d'thàinig orra cuid de dh'euslaintich a chur dhachaigh no a chur gu goireas stèidhichte sa choimhearsnachd nan gabhadh coimhead às an dèidh an sin airson leapannan san ospadal a shaoradh.
Tha diofar adhbharan a' fàgail an ospadail fo uidhir de dh'uallaich.
Tha an t-ospadal trang le cùisean co-cheangailte ri tinneasean geamhraidh. Tha cuid de dhaoine, 's dòcha, a' feitheamh nas fhaide mus tèid iad dhan ospadal agus leis an sin tha iad nas tinne no ann an staid nas miosa nuair a ruigeas iad.
Tha an t-ospadal cuideachd a dèiligeadh ri cùisean Covid agus na riaghailtean a tha an cois sin.
Bha iad gu sònraichte trang le cùisean èiginneach aig deireadh na seachdainn agus an t-seachdain ron a sin.
Thuirt Stiùiriche Meidigeach NHS na Gàidhealtachd an Dr Boyd Peters: "Nuair a tha barrachd chùisean èiginn againn na tha dùil, feumaidh sinn euslaintich a chur ann an uard na h-obrach-lannsa.
"Tha sin a' toirt buaidh air obair-lannsa nach eil èiginneach."
Tha sin a fàgail uidhir de mhì-chinnt do dhaoine aig a bheil dùil ri obair-lannsa neo-riatanach.

Tha Anna NicRisnidh, a tha fuireach ann an Inbhir Nis, air a bhith a' feitheamh airson cruachan ùr fad dà bhliadhna gu leth.
Chan eil fios cinnteach aice fhathast co-dhiù an tèid i fo lannsa an ath-sheachdain: "Tha mi an dòchas gun tèid e air adhart. Ach tha mi a' smaoineachadh gus am bi thu na do shìneadh ann an sin anns an theatre chan eil cinnt agad gun tèid e air adhart gu sin."
"Dh'fhaodadh tu a bhith san ospadal, eadhan, agus dh'fhaodadh iad cantainn nach urrainn dhaibh a dhol air adhart agus tha sin gu math duilich."
"Na d' inntinn tha thu ga do dheasachadh fhèin air a shon ach feumaidh tu fhèin cuideachd a dheasachadh airson gur dòcha nach tachair e."
Tha an t-ùghdarras slàinte ag iarraidh air daoine gun a dhol dhan ospadal ach ma tha cruaidh fheum air.
Sa chiad dol a-mach bu chòir do dhaoine fònadh gu 111 airson comhairle air dè as freagarraiche dhaibh air neo a dhol gu bùth-chungadair neo ionad beag-leòntan, thuirt iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Samhain 2021
