County v Hibs

  • Air fhoillseachadh
Regan Charles-Cook agus Kyle MagennisTùs an deilbh, SNS

Cluichidh Ross County Hibs anns a' Phrìomh Lìg oidhche Chiadain.

Bidh an geam an Inbhir Pheofharain agus tha cothrom aig County a' bheàrn aig bonn na Prìomh Lìg a ghearradh gu puing.

'S e seo an geam a chaidh a chur dheth roimhe seo seach gun robh sgapadh Covid aig Hibs.

Tha Hibs anns an t-seachdamh àite anns an lìg an-dràsta.

Bidh sgioba Dhùn Èideann air togail fhaighinn bho mar a fhuair iad gu cuairt dheireannach Chupa na Lìg às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Rangers 3-1 air an deireadh-sheachdain.

Choisinn County sia puingean bhon dusan geam mu dheireadh, agus cha do bhuannaich iad ach aonan dhe na geamannan sin.