Bàsan Covid

  • Air fhoillseachadh
Covid

Chaidh trì bàsan Covid a chlàradh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd Diciadain.

Bhàsaich neach ann am Moireibh air an tàinig Covid bho chionn ghoirid cuideachd, a rèir àireamhan oifigeil ùra.

Bha 203 cùisean Covid ùra ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Chaidh 95 a chlaràdh ann am Moireibh agus bha sia anns na h-Eileanan Siar.