
Ged a tha mòran thaighean air a bhith air an togail mu thimcheall na h-Aghaidh Mòire, tha fhathast gainnead dhuibh ann.
Tha Buidheann Gnìomhachais a' Chàirn Ghuirm an dòchas gun tèid mu 80 dachaigh ùr, aig prìs reusanta, a thogail airson luchd-obrach ionadail ann am Bàideanach is Srath Spè.
Tha dìth thaighean na thrioblaid mhòr san sgìre.
Chaidh Urras Taighean Coimhearsnachd fhastadh le taic bho HIE airson sgrùdadh a dhèanamh air an amas taighean ùra a thogail a bhiodh airson luchd-obrach ionadail.
80 dachaigh
Tha iad an dòchas gun tèid timcheall air 80 dachaigh ùr a thogail, nam measg feadhainn a gheibheadh daoine a tha a' tighinn dhan sgìre a dh'obair rè-ùine agus feadhainn a bhiodh air màl.
Bhiodh na taighean aig diofar ìrean cuideachd a thaobh àireamh sheòmraichean.
Ionadal
Bhiodh co-dhiù 80% dhe na taighean a' dol gu daoine a dhearbhadh gu bheil iad dol a dh'fhuireach agus a dh'obair anns an sgìre.
A' bruidhinn aig cruinneachadh anns an Aghaidh Mhòir, thuirt fear-labhairt bho Bhuidheann Gnìomhachais a' Chàirn Ghuirm, Mark Tate, gu bheil iad cuideachd ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd agus Caidreacheas Taigheadais na Gàidhealtachd airson feuchainn ri taighean a chur air a' mhargaidh air màl reusanta airson luchd-obrach na sgìre.
Tha iad an dùil Urras Gnìomhachais Thaighean a chur air chois agus bheireadh iadsan gealltanas air taighean air màl dhan chaidreachas agus gheibheadh an t-urras cothrom am beachdan a thoirt seachad air cò bhiodh a' faighinn nan taighean sin air màl, le prìomhachas ga thoirt do luchd-obrach ionadail.