Làrach-lìn ùr 'son saor-laithean anns na h-eileanan

  • Air fhoillseachadh
Taobh a' ChaolaisTùs an deilbh, Jack Walker

Thèid làrach-lìn ùr fhoillseachadh airson àiteachan-fuirich a chur air dòigh do luchd-turais a tha a' tadhal air na h-eileanan, le prothaid sam bith ga thilleadh do na h-eileanan fhèin.

'S e iomairt shòisealta a th' ann an IsleHoliday.com, le Tiristeach, Rhoda Meek air a chùlaibh.

Tha e coltach ri làraichean eile leithid AirB&B no Booking.com le cosgaisean coimisein nan lùib, ach an àite an t-airgead sin a bhith air a chosg air a' ghnìomhachas mar a tha a' tachairt leis na làraichean eile, thèid an t-airgead gu Maoin Leasachaidh nan Eilean.

Buannachd

Thuirt Ms Meek gun tèid a h-uile sgillin bhon mhaoin seo air ais do ghnìomhachasan beaga, is pròiseactan coimhearsnachd is taigheadais ann an eileanan na h-Alba.

Thuirt i gu bheil i a' tuigsinn gur e cuspair connspaideach a th' ann leis gu bheil trioblaidean ann le dìth thaighean airson eileanach.

Ach le taighean airson luchd-turais stèidhichte mar-thà timcheall gach eilean, tha i an dòchas leis an iomairt seo, gum faigh eileanaich buannachd às.

Tha i an dòchas le a bhith a' cur choimhearsnachdan aig cridhe a h-uile sìon a tha iad a' dèanamh, gun dèan isleHoliday turasachd nas fheàrr airson a h-uile duine.