Fhuair Inbhir Narann aithne airson obair àrainneachdail

  • Air fhoillseachadh
Inbhir NarannTùs an deilbh, Getty Images

Fhuair Inbhir Narann duais nàiseanta airson phròiseactan a' bhaile an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

Choisinn iad Duais Baile na Gnàth-aimsire aig a' bhuidhinn Scotland Loves Local a th' air cùl iomairt a tha a' brosnachadh dhaoine an Alba goireasan agus seirbheisean ionadail a chleachdadh.

Thug iad aithne dhan obair a rinn muinntir Inbhir Narainn a thaobh a bhith a' cumail a' bhaile nas glaine agus ga dhèanamh nas uaine.

Rinn britheamhan na co-fharpais moladh air an obair a chùm maith na h-àrainneachd a rinn buidhnean mar Ionad Ealain Coimhearsnachd Inbhir Narainn agus Cluba Bobhlaidh a' bhaile.

Moladh do phròiseactan uaine

Am measg na rinn iad gus sgaoileadh càrboin a lùghdachadh 's e clàran-grèine a chur ann, cur às do bhith a' cleachdadh rudan plastaig aon turas a-mhàin agus leasachadh a thoirt air a' bhun-structar airson charbadan-dealain.

Chaidh slighean ùra do rothaichean a chruthachadh cuideachd.

'S e Co-bhanntachd Bhailtean na h-Alba a chuir a' cho-fharpais air dòigh.

Thuirt an cathraiche, an t-Oll. Leigh Sparks, gum fac iad obair mhìorbhaileach a chùm bailtean na dùthcha a neartachadh agus a dhèanamh nas cothromaiche agus nas seasmhaiche.