Eaglais a' coimhead ri ceanglaichean

B' e "dùbhlain anns na sgìrean dùthchail" cuspair co-labhairt a bha aig an Eaglais Shaoir an t-seachdain seo.

Bha an cruinneachadh ann an Inbhir Pheofharain a' coimhead, am measg rudan eile, ri dòighean air an dèan an eaglais ceangal nas fheàrr ri daoine a tha a' tighinn a dh'fhuireach anns na coimhearsnachdan dùthchail. Seo Alasdair MacLeòid: