Dragh fhathast mu chlàr-ama ùr ChalMac

  • Air fhoillseachadh
An MV Hebrides

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air molaidhean ùra a sgaoileadh 'son clàr-ama an t-samhraidh eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh, ach tha a h-uile coltas ann gu bheil mì-thoileachas a' leantainn.

Tha a' chompanaidh a-nise a' moladh deic a' mhezzanine a chleachdadh air feadhainn de sheòlaidhean, is an clàr-ama fhèin fhàgail mar a bha e gun nas lagha de sheòlaidhean.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle mu na planaichean a bha CalMac air foillseachadh sa chiad dol a-mach, is daoine feargach mu mholaidhean 'son lùghdachadh a thoirt air seirbheisean air an deireadh-sheachdain, agus moladh eile gum biodh deic a' mhezzanine air a toirt a-mach à seirbheis air cuid de sheòlaidhean.

Thuirt a' chompanaidh nach robh clàr-ama an t-samhraidh mar a bha e ann an 2019 a-nise seasmhach is gum feumadh iad atharrachadh a thoirt air. Gu dearbh, dh'innis CalMac gun cosgadh e £800,000 an t-seirbheis a chumail mar a bha e ann an 2019.

Ach sheall co-chomhairle gun robh daoine feargach mu na molaidhean, is cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh nach robh coimhearsnachdan riamh cho aonaichte gu làidir an aghaidh phlanaichean sam bith.

"Ag èisteachd"

Ann an litir ùr do Chomhairle nan Eilean Siar, thuirt CalMac gu bheil iad "ag èisteachd ri beachd na coimhearsnachd" is gu bheil e follaiseach nach robh daoine a' cur taic ris na molaidhean aca.

Dh'innis iad gun do rinn iad ath-sgrùdadh às ùr is gu bheil iad a-nise a' moladh gum biodh deic a' mhezzanine air a cleachdadh air na seòlaidhean a leanas:

  • An seòladh mu dheireadh Diluain, Dimàirt, Diciadain is Diardaoin

  • An seòladh mu dheireadh Dihaoine (off peak a-mhàin)

  • Gach seòladh Disathairne

Thuirt CalMac gum biodh iad cuideachd a' dèanamh cinnteach leis na molaidhean ùra seo gum biodh luchd-siubhail le càr an làthair aig na puirt le ticead 45 mionaidean mus fhalbhadh aiseag.

Thuirt iad gum bi aca cuideachd ri luchd-obrach einnsinniridh a bharrachd a thoirt a-steach agus trèanadh a bharrachd a thoirt do luchd-obrach eile.

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil dragh sa choimhearsnachd mu lùghdachadh ann an cleachdadh deic a' mhezzanine, ach thuirt iad "nach eil an deic an còmhaidh air a cur gu feum gu àbhaisteach air an t-slighe seo air sgàth na th' ann de charbadan coimeirsealta".

Fo na molaidhean ùra ge-tà, cha bhiodh seòlaidhean fhèin air an gearradh, rud a bha air fearg a chur air daoine, is dragh ann mun bhuaidh air turasachd, an eaconomaidh san fharsaingeachd agus air clubaichean spòrs.

Thuirt CalMac san litir gu bheil iad ag aithneachadh nach e seo am fuasgladh as fheàrr a th' ann, ach gu bheil iad an dòchas gur e dòigh a th' ann air dèiligeadh gu ìre ris na draghan a chaidh a thogail.

Thuirt Ùisdean Robasdan gu bheil draghan a' leantainn.

"Tha mi air beagan bheachdan fhaighinn air ais bhon choimhearsnachd mar-tha is chan eil duine aca ag aontachadh ris aig an ìre seo", thuirt an Comh. Robasdan, is e ag ràdh gu bheil CalMac fhathast an dùil an clàr-ama ùr a bha san amharc aca a chur an sàs.

"Tha iad an-dràsta a' dol a chumail leis a' chlàr-ama a bhiodh ann co-dhiù ach dìreach gu bheil na gearraidhean ann a thaobh feumalachdan deic a' mhezzanine.

"Gearraidhean"

"Ged a tha iad air tighinn beagan air adhart leis, chan eil aig an ìre seo co-dhiù a' dol air ais chun na seirbheis a bha sinn ag iarraidh, 'is 's e sin an t-seirbheis a bh' againn suas gu 2019.

"Tha fios agam gu bheil iad a' gluasad ach 's e gearraidhean a th' ann aig deireadh an là.

"Feumaidh sinn feitheamh gus am faigh sinn beachdan air ais bhon choimhearsnachd uileag, ach am beagan a th' agam an-dràsta, chan eil iad toilichte leis an rud a chaidh a chur air adhart idir", thuirt e.

Tha an Comh. Robasdan cuideachd ag ràdh gu bheil a' Chomhairle a' sireadh barrachd fiosrachaidh mun t-suim de £800,000 a tha CalMac air cur air adhart.

San litir aca, dh'iarr CalMac gum faigh a' Chomhairle beachd às ùr bho riochdairean coimhearsnachdan is feadhainn eile air an toir an gnothach buaidh is gun tèid seo a thilleadh thuca ron 7mh den Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo