
Chaidh loidhnichean dealain a leagail ann an grunn sgìrean.
Tha obair-sgioblachaidh a' leantainn às dèidh Stoirm Arwen a thug buaidh mhòr air pàirtean den dùthaich anns na làithean mu dheireadh.
Rinn an stoirm sgrios air taobh sear na dùthcha gu h-àraidh, is milleadh air taobh sear na Gàidhealtachd is ann an Siorrachd Pheairt.
Tha na mìltean gun dealain fhathast is a' chompanaidh SSEN ag ràdh gun robh buaidh Arwen trì tursan nas miosa na an stoirm mhòr ann an 2018 air an robhar a' gabhail Biast an Taobh Sear.
'S e sin cuideachd an turas mu dheireadh a bha rabhadh dearg air a sgaoileadh.
Dh'innis SSEN gun deach cumhachd a thilleadh gu 88,000 duine aig an ìre seo, ach gu bheil obair a' leantainn gus ceangal a stèidheachadh às ùr ri 32,000 duine eile.
Dh'fhaodadh nach fhaigh a h-uile duine cumhachd air ais gu 10 uairean oidhche Luain.
Sgoiltean
Chaidh ionad-taice a chur air dòigh ann am Bràigh Mhàrr is cuid air a bhith trì oidhcheanan gun dealain.
A bharrachd air sin, bidh sgoiltean Siorrachd Obar Dheathain dùinte Diluain is Dimàirt.
Bha buaidh mhòr air seirbheisean còmhdhail, ged a tha a' mhòr-chuid a-nise air tilleadh.
Chaidh an t-seirbheis rèile eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain a thòiseachadh às ùr madainn Diluain.
Tha rabhadh ann gur dòcha gum bi dàil fhathast air cuid de sheirbheisean, is gheibhear am fiosrachadh às ùr an seo, taobh a-muigh.