Iomairt Feachd an Adhair an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Port-Adhair SteòrnabhaighTùs an deilbh, Stephen Branley/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann aig Port-adhair Steòrnabhaigh a bhios an iomairt stèidhichte.

Bidh Feachd an Adhair os cionn iomairt trèanaidh anns na h-Eileanan an Iar an t-seachdain seo.

Thèid Port-adhair Steòrnabhaigh a chleachdadh mar phàirt de thrèanadh air ionadan eadar-amail a chur air dòigh 's a chleachdadh.

Bidh plèanaichean fìor luath Typhoon, a tha mar as trice air an stèidheachadh ann an Inbhir Lòsaidh, is plèana mòr Atlas am measg na bhios air an cleachdadh.

Tha 60 saighdear RAF gu bhith an làthair is iad gus ionad eadar-amail a stèidheachadh aig a' phort-adhair agus connadh a chumail ris na plèanaichean.

Thuirt an RAF gur e adhbhar na h-iomairt sealltainn mar as urrainn dhaibh ionad den leithid a chur air dòigh gun mòran rabhaidh, dìon a chur air, fhad 's a tha plèanaichean a' tighinn is a' falbh às.

Dh'innis iad gu bheil e na phàirt de ro-innleachd ùir air a bheil iad a' gabhail Agile Combat Employment, a tha a' leigeil leotha a bhith ag obair a-mach à làraichean a bharrachd.

Thuirt iad gum bi iad ga leasachadh is ga chur an sàs thar an ath-thrì bliadhna, is dùil ri tuilleadh iomairtean trèanaidh san àm sin.