'Mì-shoilleir agus mì-chinnteach' mu fhoghlam àrd-sgoile an Dùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Royal victoriaTùs an deilbh, Richard Webb/Geograph

Tha an suidheachadh ann an Dùn Èideann le foghlam àrd-sgoile ag adhbhrachadh mòran mì-chinnt do phàrantan agus an cuid chloinne, a rèir ball de Chomann nam Pàrant anns a' bhaile.

Chaidh innse gun deach làrach seann Ospadal Rìoghail Bhictòria sa bhaile a chomharrachadh mar àite a bhiodh iomchaidh 'son na h-àrd-sgoile.

Tha ceannardan foghlaim ag ràdh, ma chuidicheas an Riaghaltas le taic suas ri £25m, gum biodh e comasach an làrach sin a leasachadh.

Chaidh làrach eile ann an Liberton, a bha san amharc aca bho thùs, a chomharrachadh ron seo agus tha dùil ri co-chomhairleachadh air sin.

A rèir Sheumais Eglinton bho Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann, tha an suidheachadh mì-shoilleir agus mì-chinnteach.