Naidheachdan 11:00m
Dealan
Thuirt a' chompanaidh SSEN gur dòcha gum bi dà là ann fhathast mus fhaigh feadhainn de na dachannan an dealan air ais an dèidh Stoirm Arwen Dihaoine seo chaidh. Tha 6,500 dachaigh fhathast gun dealan an Alba, a' mhòr-chuid dhiubh sin ann an Siorrachd Obar Dheathain.
NHS Ghlaschu is Chluaidh
Iarraidh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba aig deasbad aig Holyrood feasgar ceannardan a chur às an dreuchd aig NHS Ghlaschu agus Chluaidh. Tha Ospadal Oilthighe na Bàn-righinn Ealasaid ann an Glaschu aig meadhan rannsachaidh an-dràsta mu bhàs co-cheangailte ri truailleadh an sin, agus tha ceannard nan Làbarach an Alba, Anas Sarwar, a' cumail a-mach gu bheil cultar de chleith fiosrachaidh aig a' bhòrd slàinte. Chuir 60 duine de luchd-meadaigeach NHS Ghlaschu 's Chluaidh an ainm ri litir gu Prìomh Mhinistear na h-Alba ag ràdh nach eil fìrinn sam bith anns na casaidean a tha sin.
Bochdainn Connaidh
Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gun dèan gluasad air falbh bho chonnadh fosail tuilleadh bochdainn connaidh anns na h-Eileanan. Tha a' Chomhairle ag ràdh nach do mhothaich Riaghaltas na h-Alba dhan bhuaidh sin mus do chuir iad às dha na subsadaidhean airson boidhlearan ola agus gas, agus nach eil na siostaman teasachaidh uaine a tha an Riaghaltas a' moladh cho freagarrach ann an sgìrean iomallach.
Oilthighean
Tha luchd-obrach aig cha mhòr 60 oilthigh air feadh Bhreatainn air stailc an-diugh 's iad a' gearain mu phàigheadh, peinnseanan agus cùmhnantan obrach. Thuirt Universities UK a tha a' riochdachadh mòran de na h-oilthighean sin gun do rinn iad a h-uile h-oidhirp a' chùis a rèiteach.