Naidheachdan 11:00m
Cambo
Tha a' chompanaidh chumhachd Shell a' tarraing a-mach às a' phlana chonnspaideach airson raon-ola Chambo an iar air Sealtainn. Thuirt a' chompanaidh Siccar Point Energy, aig a bheil a' mhòr-chuid de na h-earrainnean ann, gun lean iad orra a' bruidhinn ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun phròiseact. Tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil am pròiseact a' tighinn idir air an amas eaconomaidh Bhreatainn a bhith càrbon neodrach ron bhliadhna 2050. Ach tha gnìomhachas a' ghas agus na h-ola ag ràdh gur e buille mhòr a th' ann dhan roinn acasan.
Gàrradh Bhàgh an Eig
Tha leasachadh mòr san amharc aig Gàrradh Bhàgh an Eig air taobh sear Rois, le plana airson na factaraidh as motha ann am Breatainn airson crainn a thogail do thuathan-gaoithe aig muir. 'S iad Global Energy Group agus an Haizea Wind Group a th' air cùlaibh an leasachaidh a chosgas còrr is £110m. Tha dùil gun tòisich an obair air an ath-mhìos. Tha e coltach gum bi còrr is 400 cosnadh làn-ùine san fhactaraidh, agus cho mòr ri 2,000 air feadh Bhreatainn.
Bustairean
Thuirt Stiùiriche Clionaigeach Nàiseanta na h-Alba, an t-Oll. Jason Leitch, gu bheil e gu math dòchasach gun deach an trioblaid le prògram bustair na banachdaich a chur ceart. Tha comhairle às ùr ann a-niste do dh'ionadan banachdaich am bustair a thoirt do dhaoine trì mìosan an dèidh an dàrna dòs, seach a bhith a' feitheamh sia mìosan. Chaidh feadhainn a thionndadh air falbh bho na h-ionadan fhad 's a bha a' chomhairle sin ga h-ùrachadh.
Àimhreit na h-Euros
Thàinig ath-sgrùdadh neo-eisimeileach dhan cho-dhùnadh gur e cion-ullachaidh agus luchd-leantainn buaireanta a bu choireach ris an àimhreit aig cuairt dheireannach ball-coise na h-Euros eadar an Eadailt agus Sasainn anns an Iuchar am-bliadhna. Thuirt a' Bhana-Mhorair Casey na cunntas gur e bleigeardan fo bhuaidh na dibhe 's dhrogaichean a bh' anns an fheadhainn a bhris a-steach gu Stèidiam Wembley, agus gun do chuir iad beatha dhaoine ann an cunnart.
Dealan
Thuirt companaidh lìonra an dealain, SSEN, ged a gheibh a' mhòr-chuid an dealan air ais an-diugh ann an ceann an ear-thuath na h-Alba, gum bi a-màireach ann mus faigh cuid air ais e. Tha an t-Arm a' cur seachad an dàrna là san sgìre a' toirt cuideachaidh dhan fheadhainn as fheumaiche a th' air a bhith gun dealan bho gheàrr Stoirm Arwen dheth iad seachdain bho an-diugh. Chaidh innse an-diugh gum faigh dachannan a th' air a bhith às aonais an dealain airson còrr is dà là mu £150 mu choinneimh sin.