Cùisean de dh'Omicron air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil trì cùisean de ghnè Omicron a' Choròna-bhìorais anns an sgìre.

'S ann anns an aon teaghlach a tha iad.

Tha an àireamh de dhaoine air a bheil Omicron ann an Alba air èirigh gu 29.

Tha coltas gu bheil sia dhiubh sin ceangailte ri cuirm-ciùil aig a' chòmhlan Steps anns an Hydro ann an Glaschu air a' mhìos a chaidh.

Leis gu bheil a' ghnè seo cho ùr tha iad a' moladh do dhaoine a tha air a bhith faisg air daoine air a bheil i fuireach fa leth bho dhaoine eile fiù 's ged a bhiodh iad air dà dhòs agus am bustair den bhanachdaich fhaighinn, no fiù 's ged a bhiodh deuchainn PCR air sealltainn nach eil an galar orra.

Chaidh cùisean ùra de dh'Omicron cuideachd a dhearbhadh ann an NHS Roinn a' Mhonaidh agus an NHS Srath Fhoirthe son a' chiad uair.