
Bha daoine a' feitheamh taobh a-muigh clionaig Uibhist ann an Taigh-òsta an Eilein Duirche gu math tràth Dihaoine
Tha clionaigean sònraichte gan cumail sna h-Eileanan an Iar airson gum faigh daoine cothrom bustair banachdach a' Choròna-bhìorais fhaighinn.
Chan eil aig daoine ri uair a chur air dòigh ro làimh.
Tha cothrom ann cuideachd banachdach a' flu fhaighinn.
Mairidh clionaig Uibhist trì là agus tha e stèidhichte ann an Taigh-òsta an Eilein Duirche.
'S ann do dhaoine aois 50 bliadhna agus nas sine a tha clionaig Dhihaoine, an 3mh den Dùbhlachd, agus bidh e fosgailte eadar 09:00m agus 4:00f.
Gheibh daoine aois 40 bliadhna agus nas sine cothrom a dhol ann Disathairne, an 4mh den Dùbhlachd, eadar 09:00m agus 4:00f agus Là na Sàbaid, an 5mh den Dùbhlachd, eadar 09:00m agus 12:00f agus eadar 1:00f agus 4:00f.
Tha clionaig ann Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh Dihaoine, an 3mh den Dùbhlachd, eadar 12.30f agus 4.30f. Tha sin do dhaoine aois 40 bliadhna agus nas sine.
Gheibh feadhainn aois 12 bliadhna agus nas sine cothrom a' chiad agus an dàrna dòs de bhanachdach Covid fhaighinn eadar 5:30f agus 7:30f.

A thuilleadh air na h-aoisean gu h-àrd tha na clionaigean cuideachd fosgailte do luchd-obrach NHS agus luchd-obrach cùraim shòisealta, luchd-cùraim nach eil pàighte agus do dhaoine aois 18 bliadhna agus nas sine air a bheil tinneas a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gu bheil iad fo bharrachd chunnart.
Faodar bustair fhaighinn 12 seachdainnean an dèidh an dàrna dòs fhaighinn.
Faodaidh ògannaich eadar 12 agus 17 bliadhna de dh' aois an dàrna dòs den bhanachdaich fhaighinn 12 seachdainnean às dèidh a' chiad tè.
Chan eil aig daoine aois 18 bliadhna agus nas sine ri fheitheamh cho fada 'son an dàrna dòs.
Faodaidh iadsan sin fhaighinn às dèidh ochd seachdainean.