Gainnead Eileanach air bòrd-stiùiridh ChalMac ga chàineadh.

  • Air fhoillseachadh
Bàta CalMac

Tha Comhairle nan Eilean Siar air draghan a thogail le Riaghaltas na h-Alba mun ghainnead riochdachaidh a tha muinntir nan eilean a' faighinn air bòrd-stiùiridh Dhaibhidh Mhic a' Bhriuthainn Earranta.

Tha seo a dh'aindeoin iarrtasan bhon chomhairle agus bho bhuidhnean coimhearsneachd airson a leithid.

Chaidh cathraiche ùr agus trì stiùirichean neo-ghnìomhach ùra ainmeachadh le ministearan Riaghaltas na h-Alba.

Tha seo a' ciallachadh nach eil duine sam bith fhathast air bòrd na buidhne a tha a' fuireach anns na h-eileanan a tha seirbheisean ChalMac a' frithealadh.

An t-seachdain seo chaidh, chuala coinneamh den bhuidhinn Luchd-ùidhe Aiseagan Innse Gall gun robh iadsan a' toirt taic do mholaidhean gum feumadh eòlas pearsanta a bhith aig buill ùra den bhòrd air cò ris a tha e coltach a bhith a' fuireach anns na coimhearsnachdan sin.

Rinn Cathraiche Còmhdhail Chomhaire nan Eilean Siar, an Comh. Ùisdean Robastan càineadh air an t-suidheachadh:

"Tha an gainnead seo air fearg adhbhrachadh sna coimhearsnachdan," thuirt e.

"Is beag an t-iongnadh nach eil tuigse aig luchd-stiùiridh na companaidh seo air an t-suidheachadh sna h-eileanan nuair a tha iad uile cho fad air falbh bho na sgìrean air a bheil na beachdan agus na roghainnean aca a' toirt buaidh.

"Tha a' chompanaidh fhèin stèidhichte ann an Inbhir Chluaidh agus a-nis tha iadsan air a' bhòrd fhathast gun tuigse air buaidh na companaidh agus nam poileasaidhean aca air na coimhearsnachdan bho Leòdhas gu Arainn.

"Thog mise an cuspair seo le Ministear na Còmhdhail agus bha mi an dòchas gun robh e a' tuigsinn mar a bha muinntir na sgìre a' faireachdainn mu dheidhinn seo.

"Leanaidh a' Chomhairle oirre a' sìreadh atharrachaidhean, gus guth a thoirt do choimhearsnachdan nan eilean air a' bhòrd seo."

Thuirt cathraiche Bòrd Neo-eisimeileach Choimhearsnachdan nan Aiseagan, Aonghas Caimbeul, nach robh esan toilichte nas motha.

"Tha sinne gu mòr den bheachd gu bheil e deatamach gum bi eòlas pearsanta aig neach sam bith anns a leithid de dhreuchdan air cò ris a tha e coltach a bhith a' fuireach anns na coimhearsnachdan againne agus tuigse aca air a' bhuaidh a tha aig na seirbheisean aiseig oirnn.

"'S e cothrom caillte a th' ann eòlas a bharrachd a chur ris a' bhòrd agus leasachadh a thoirt air an dòigh anns a bheilear a' beachdachadh air atharrachaidhean a dhèanamh."

Chuir am BBC na puingean seo gu Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt neach-labhairt bhon Riaghaltas gun robh iad airson dèanamh cinnteach gun rachadh beachdan muinntir nan eilean a riochdachadh.

"Tha sinn air iarraidh air a' chathraiche ùr prìomhachas a thoirt gu a bhith a' beachdachadh air mar a thèid sin a dhèanamh.

"'Tha ballrachd a' bhùird ga thoirt seachad dhaibhsan a tha air dearbhadh gu bheil eòlas agus comas aca airson a leithid de dh'obair.

"Tha e deatamach gu bheil tuigse aig gach ball air cho cudromach 's a tha còmhdhail, agus gu h-àraid aiseagan, ann a bhith a' dìon eaconomaidh agus dòigh beatha na Gàidhealtachd agus nan eilean."