
Thachair an tubaist aig an earrann seo dhan A9 aig ceann rathaid Pholl Lochaidh
Dhearbh Poileas Alba gun do bhàsaich fireannach, aois 88 bliadhna, an dèidh tubaist rathaid le dà charbad air an A9 faisg air Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh.
Thachair an tubaist mu 16:20 Dihaoine an 19 den t-Samhain aig ceann rathaid Pholl Lochaidh far a bheil am B9161 agus an A9 a' coinneachadh.
Bha Nissan Pixo geal agus Volvo V60 dearg san tubaist.
Thugar draibhear an Nissan, boireannach aois 86 bliadhna, gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis far an do chaochail i.
Chaidh am fireannach, aois 88 bliadhna, a bha a' siubhail san Nissan, a ghoirteachadh san tubaist.
Bhàsaich esan san ospadal Disathairne, an 4mh den Dùbhlachd.