
Tha pròiseact ùr airson piseach a thoirt air mar a dhearbhar tinneas Lyme ann an daoine ga leasachadh le NHS na Gàidhealtachd.
'S iad a' chompanaidh mheadaigeach Pfizer a tha a' maoineachadh a' phròiseict.
Thathas an dòchas gun tig tuigse nas fheàrr às a thaobh cho cumanta 's a tha an tinneas, agus na tha ga dhèanamh nas coltaiche gun tig e air daoine.
'S e Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis an-dràsta an deuchainn-lann nàiseanta airson deuchainnean Lyme, agus tha dàta bho dheuchainnean fala air a bhith ga chruinneachadh ann fad deugachadh bhliadhnaichean.
Tha na figearan aca a' sealltainn gu bheil an tinneas a' fàs nas cumanta san sgìre, le 123 cùisean ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd ann an 2019, an taca ri 308 anns a' chòrr de dh'Alba.
"'S e pròiseact ùr cudromach a tha seo a thaobh saidheans mheadaigich air Ghàidhealtachd, fhad 's a dh'fheuchas sinn ri thuigsinn dè cho cumanta 's tha tinneas Lyme, agus dè a tha ga fhàgail nas coltaiche gun tig e ort," thuirt an Dr. Seumas Douglas, a tha na dhotair-teaghlaich sa Ghearasdan agus na phrìomh chlionaigear air a' phròiseact.
"Rudan leithid an obair a th' aig daoine, far a bheil daoine a' fuireach, agus an dòigh sam bi iad a' toirt às nan gartan a tha ag adhbharachadh tinneas Lyme.
"'S e nach eil sinn a' tuigsinn buileach, cia mheud chùisean a th' ann aig ìre thràth - ìre a' bhrotha - a chionn 's nach obraich na sampaill fala aig an ìre sin, ach gabhaidh e leigheas gu furasta aig an ìre thràith sin.

"Tha mi an amharas, bhon obair a rinn mi fhèin sa Ghearasdan, gur dòcha gu bheil seo a thrì no a cheithir uiread nas motha.
"'S e na tha sinn air a leasachadh ach prògram coimpiùtaireachd ùr sònraichte dha na dotairean 's na nursaichean ann an 15 ionadan air feadh na Gàidhealtachd.
"Bidh iadsan a' cruinneachadh dàta earbsaich agus dealbhan den bhroth.
"Saoilidh mi gu bheil fòcas mòr air a' bheachd gu bheil am broth an-còmhnaidh car air chumadh targaid.
"Sin a sheallas Google dhut, dealbhan de bhrothan air chumadh targaid.
"Ach 's e na tha sinn air a bhith a' faighinn air Ghàidhealtachd thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, nach ann mar sin a tha am broth an-còmhnaidh.
"Tha cùisean air a bhith ann, gach cuid anns a' phoball agus le luchd-proifeasanta meadaigeach far nach robhas den bheachd gur e tinneas Lyme a bh' ann mura robh an cumadh sin air a' bhroth.
"Mar sin dheth tha sinn a' feuchainn ri uiread 's a ghabhas de dhealbhan a ghlacadh de dhaoine le diofar aoisean de chraiceann, diofar dhathan craicinn, diofar chinnidhean, agus mar sin air adhart," thuirt e.