
Thuirt Comhairle Dhùn Èideann gu bheil cruaidh fheum aca gluasad air adhart gus na geallaidhean aca a thaobh foghlam Gàidhlig a leasachadh, is gur e sin a tha a' fàgail gu bheil iad an dùil co-chomhairle fhoirmeil a thòiseachadh an ath-mhìos.
Tha pàrantan ag ràdh nach bu chòir co-chomhairle a bhith ann aig an ìre seo, is iad a' gearain nach eil cùisean soilleir gu leòr.
Ach thuirt a' chomhairle gu bheil e deatamach gun tèid foghlam Gàidhlig a leasachadh agus gun tèid dèiligeadh ri cho làn 's a tha Sgoil Sheumais Ghilleasbuig.
Coinnichidh iad an ath-mhìos airson bruidhinn air co-chomhairle eadar am Faoilleach agus am Màrt.