Taic do phròiseactan Gàidhlig

Fhuair còig buidhnean bho eileanan na h-Alba taic de cha mhòr £50,000 eatorra airson daoine a bhrosnachadh Gàidhlig a bhruidhinn.

Tha an t-airgead a' tighinn bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Thèid a chosg air - am measg eile - diofar thachartasan, cafaidh agus maor-dùthcha aig am bi Gàidhlig.

Seo Ailean MacLeòid.