Ceist mu bhuaidh staing Bhòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig

Thuirt BPA nan Eilean Siar gum bi ùine ann mus bi fios le cinnt dè a' bhuaidh a thug trioblaidean a bh' aig Bòrd na Gàidhlig air suidheachadh a' chànain.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn is aithisg ùr bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba an t-seachdain seo chaidh air innse gun tàinig piseach air suidheachadh a' Bhùird.

Bha seo às dèidh dhaibh aithisg a chur ri chèile bho chionn dà bhliadhna a thog air laigsean bunaiteach ann an doighean-obrach agus riaghladh Bhòrd na Gàidhlig.

San aithisg ùir, taobh a-muigh, thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, Steafan Boyle, gun robh am Bòrd air dèiligeadh ris na laigsean sin, is gum feum iad a-nise fuireach air an t-slighe cheart.

Chuir Alasdair Allan, a tha cuideachd na fhear-gairm air Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood, fàilte air an adhartas sin.

"Tha fhios aig a h-uile duine a bha ga leughadh gun robh cùisean ceàrr leis an dòigh-obrach aig Bòrd na Gàidhlig san aithris a bh' ann an 2019.

"Tha e misneachail gu bheil cuid de na cùisean sin air an cur ceart agus gu bheil beachd aig Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a-nise gu bheil adhartas ann is tha mi toilichte sin a chluinntinn", thuirt e.

Ceist

Dh'aidich Mgr Allan ge-tà, gu bheil ceist ann fhathast mu bhuaidh an t-suidheachaidh air a' chànan.

"Tha mi cinnteach gum bi a h-uile duine ann an saoghal na Gàidhlig a' cumail sùil gheur air a' cheist sin, agus gum bi treiseag ann fhathast mus bi sinn a' faighinn a-mach dè seòrsa buaidh a bhios air staid na Gàidhlig, no staid Bòrd na Gàidhlig, na h-atharrachaidhean a th' air a bhith ann", thuirt e.

Dh'innis Alasdair Allan gun robh ceist air fhèin mu obair Bhòrd na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd.

Thuirt e gu bheil e an dòchas an tuilleadh adhartais fhaicinn le sin.

"Bha mise agus iomadach duine eile a' faighneachd cheistean gu leòr, dè bhios buidhnean Gàidhlig - Bòrd na Gàidhlig nam measg - a' dèanamh a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi Bòrd na Gàidhlig nas fhaisge, no ag obair nas fhaisge, air coimhearsnachdan Gàidhlig.

"Tha leasanan gu leòr ann tha mi cinnteach agus tha mi an dòchas gum bi Bòrd na Gàidhlig ag ionnsachadh bho na leasanan a tha sin", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh