
Mun àm seo dhen bhliadhna, 's àbhaist do mhòran ann an Sealtainn a bhith trang ag ullachadh airson fèis theine Up Helly Aa. Chan eil càil dhen sin air a bhith a' tachairt bho thòisich am pandemic ge-tà, agus chan eil fhios cuin a thilleas Up Helly Aa dha na h-eileanan.
Ma dh'fhaoidte gu bheil sibh a' smaoineachadh, mar a bha mi fhèin, gur e aon fhèis Up Helly Aa a bhios ga cumail ann an Sealtainn gach bliadhna. Tha dusan ann ge-tà; an tè as motha agus as ainmeile ann an Lerwick, agus feadhainn nan coimhearsnachdan a bhios air an cumail air feadh nan eilean.
'S e sgrìobhaiche a rugadh 's a thogadh ann an Sealtainn a th' ann an Laurie Goodlad. Dh'innis ise dhomh gur ann ann an linn na Bàn-rìghinn Bhictoria a thòisich Up Helly Aa, mar chur-seachad, agus gu bheil na fèisean a' comharrachadh dualchas Lochlannach nan eilean. Thuirt Laurie cuideachd gu bheil iad cudromach dha-rìribh do mhuinntir Shealtainn.
"Tha e a' ceangal muinntir na coimhearsnachd ri chèile agus a' toirt rudeigin dhaibh ris an dèan iad fiughair tro mhìosan a' Gheamhraidh", dh'innis Laurie. "Tha e a' toirt ort a dhol a-mach air an oidhche agus do charaidean a choinneachadh. 'S e àm uabhasach sòisealta a th' ann", thuirt i.
Up Helly AA Sgìre Delting
Ann am baile Brae, far am bithear a' cumail Up Helly Aa Sgìre Delting, tha e follaiseach cho cudromach 's a tha Up Helly Aa. Chaidh fèis 2020 a chur dheth naoi là mus robhar an dùil a cumail. Choinnich mi ri Dwayne Davies, a bha gu bhith na Jarl an-uiridh. Choinnich sinn ann an seada birlinn na sgìre, far am bi sguad an Jarl, a th' os cionn na Fèise, ag ullachadh. Bha sinn air ar cuairteachadh le claidheamhan, clogaidean agus cuimhneachain. An teis-mheadhan an làir, bha a' bhìrlinn a bha còir a bhith na smàl bho chionn faisg air dà bhliadhna.
"Tha cùisean gu math riaslach an seo eadar an t-Sultain agus am Màrt", thuirt Dwayne. "Bidh sinn a' cruinneachadh san t-seada airson èididhean sguad an Jarl a dhèanamh. Bidh feadhainn a' dèanamh nan lòchran agus feadhainn a' togail na bìrlinn. Thig thu a-steach dhan t-seada agus bidh 20 no 30 duine ag obair ann. Bidh mnathan agus cèilean an sguad a' cuideachadh le rud sam bith a tha ri dhèanamh agus nuair a bhios cruinneachaidhean againn an seo air an oidhche, bidh na teaghlaichean a' tighinn sìos. Bidh biadh, ceòl agus dramaichean ann", thuirt e.

'S e buille mhòr a bh' ann dha Dwayne agus dhan choimhearsnachd air fad nuair a thàinig orra an fhèis a chur dheth an-uiridh ri linn Covid goirid ron là mhòr. Chan e an fhèis a-mhàin a chaill iad ge-tà. Dh' fhalbh an obair ullachaidh a tha gan cumail a' dol fad mhìosan a' Gheamhraidh.
Slàinte-inntinn agus an dorchadas
'S e mìosan fada, dorcha a th' annta cuideachd, mu 100 mìle tuath air tìr-mòr na h-Alba. Chan eil na làithean goirid furasta do dhaoine, a rèir Anouska Civico bhon bhuidhinn charthannais slàinte-inntinn, Mind Your Head.
"Tha sinn iomallach mar eilean," thuirt i. "Ach 's urrainn dhut a bhith air an iomall 's tu ann an Sealtainn cuideachd. Nuair a thig an Geamhradh, tòisichidh sinn gar cumail fhèin fa leth. Thèid sinn dhachaigh aig deireadh là obrach agus cha tèid sinn air ais a-mach air sgàth na h-aimsire no an dorchadais."
Thuirt a h-uile duine ris an do bhruidhinn sinn fhad 's a bha sinn shuas gu bheil Up Helly Aa na chuideachadh mòr do dhaoine ann a bhith a' dèiligeadh ris an dorchadas.
'S ann aig Dianne Davies, màthair Dwayne, a tha an taigh-seinnse ann am Brae. Rugadh agus thogadh i anns a' bhaile agus tha i air a bhith an sàs ann an Up Helly airson 50 bliadhna. Bha i air tàtu fhaighinn a dh'aona-gnothach airson fèis 2020 a chomharrachadh. 'S e ceannard sguad a th' innte agus thuirt i gu bheil i air an t-uabhas fhaighinn às.
"Faodaidh tu a bhith nad shuidhe a-staigh air oidhche fhuar gheamhraidh 's gun thu air do bhodraigeadh a dhol a dh'àite," thuirt i. Ach feumaidh tu a dhol gu coinneimh an sguad. Tha e a' dèanamh feum mòr dhut agus dha do shlàinte-inntinn. Bheir e ort a dhol a-mach", dh'innis i.
Up Helly Aa Chullivoe
Tha fèis Lerwick connspaideach a thaobh cò aig a bheil cead a bhith a' caismeachd ach a-muigh air an dùthaich, tha na fèisean ann dhan a h-uile duine. An ear-thuath air Brae, aig ceann a tuath eilein Yell, tha baile beag Cullivoe. Thòisich Up Helly Aa an eilein anns a' bhaile ach tha e an-diugh a' gabhail a-steach an eilein air fad.
An là ron là mhòr, bidh sguad an Jarl a' tadhal air a' bhun-sgoil agus air ionad nan seann daoine. Bidh iad cuideachd a' cèilidh air seann daoine a tha leotha fhèin agus nach fhaigh a-mach a dh'fhaicinn na caismeachd tuilleadh. Tha Ann Robertson còrr is 80 agus airson iomadh bliadhna a-nis, tha an seòmar-suidhe aice air a bhith loma-làn le Lochlannaich an oidhche ro Up Helly Aa.

"Bhiodh iad a' gabhail drama, brot agus ceapaire. Saoilidh mi gum biodh iad air na cèilidhean oifigeil aca a dhèanamh mus tigeadh iad thugamsa agus bhiodh puirt agus òrain gan gabhail," thuirt i.
Cha do thachair sin am-bliadhna ge-tà, agus cha thachair e aig an àm àbhaisteach an ath-bhliadhna a bharrachd le dàil ga cur air Fèis Chullivoe aon uair eile. 'S e call mòr a th' ann do dh'Ann.
"Dh'ionndrainn mi e gu mòr oir bhithinn a' coimhead air adhart ris airson seachdainean, dh'fhaodainn a ràdh. Bha an là a' còrdadh rium gu mòr. Bidh mi dìreach air mo dhòigh ghlan ma chì mi iad a-rithist", thuirt i.
A' bruidhinn ri muinntir Shealtainn, sean agus òg, tha e follaiseach cho cudromach 's a tha Up Helly Aa anns na h-eileanan. Tha an obair ullachaidh a' tòiseachadh mìosan no fiù 's bliadhnaichean ro-làimh agus 's e urram mòr a th' ann a bhith air do thaghadh airson a bhith nad Jarl.
Tha an dàil ri linn Chovid air beàrn fhàgail, ach dhomhsa, mar chuideigin bhon taobh a-muigh, shaoil mi gu bheil seo a' sealltainn gu bheil rudeigin eile 's dòcha nas cudromaiche buileach dhaibh.
Dè tha sin ach coimhearsnachd? Tha an fhèis gan toirt cruinn còmhla agus sin an rud as cudromaiche mu dheidhinn.
Mar a thuirt Dwayne: "Tha Up Helly Aa a' toirt Sealtainn gu aire dhaoine ach tha e cuideachd a' brosnachadh chruinneachaidhean anns a' choimhearsnachd agus sin as coireach gu bheil sinn ga dhèanamh.
"Càite am biodh sinn às an aonais?"
Chìthear barrachd mun seo air Eòrpa air BBC ALBA Diardaoin aig 8:30f, Didòmhnaich aig 8:00f, agus air an iPlayer.