
B' e nach do nochd an dàta-iùil a chleachd criutha creag air grunnd na mara a dh'adhbharaich grunnachadh tancair far chladach an Eilein Sgitheanaich an-uiridh.
Sin a fhuair rannsachaidh air grunnachadh na Key Bora nuair a bha e a' dèanamh air cidhe na companaidh Mowi ann an Caol Àcainn air an 28mh là den Mhàrt an-uiridh.
Bha an soitheach, a tha clàraichte ann an Gibraltar, a' giùlain stuthan ceimigeach aig an àm.
Cha deach duine a ghoirteachadh, 's cha deach truailleadh sam bhith a dhèanamh, ged a chaidh slige an t-soithich a bhriseadh, 's gun d' fhuair sàl a-steach dha na tancaichean balaiste.
Bha i air a' ghrunnd mu 12 mionaid mus deach a cur air bhog às ùr.
Fhuair Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) gun do chleachd an criutha dàta a chaidh a dhèanamh gu h-ionadail, seach siostam iùil eileactronaigeach a bh' air a' chreag a nochdadh.
Rinn an MAIB molaidhean sàbhailteachd do Mowi a thaobh mar a dh'obraicheas iad an cidhe.