£3m ri fhaotainn airson cumhachd nas uaine

  • Air fhoillseachadh
CnòideartTùs an deilbh, Iain MacLean
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair muinntir Chnòideirt airgead airson pìob haidro a thogail

Tha sgeama air fosgladh fo am faigh coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach taic-airgid gus cumhachd nas uaine agus nas saoire a chur air dòigh.

Tha £3m ann am maoin Riaghaltas na h-Alba agus faodaidh coimhearsnachdan le siostaman dealain ionadail cur a-steach airson taic-airgid airson leasachadh a thoirt orra.

Tha Sgeama Cumhachd Coimhearsnachd agus Ath-nuadhachail (CARES) air £54m a thoirt seachad bho 2013.

Tha 600 pròiseact ionadail air buannachd fhaighinn às, nam measg muinntir Eige airson clàran grèine agus bataraidhean a chur ann.

Chaidh taic a thoirt don choimhearsnachd ann an Cnòideart airson pìob cumhachd haidro a thogail.

fear le clàran grèine ann an Eilean EigeTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh clàran grèine a thogail ann an Eilean Eige le airgead a fhuair iad bhon stòras

Thuirt Rùnaire na Cumhachd, Mìcheal Mac Mhathainn: "Tha Riaghaltas na h-Alba airson eimiseanan càrboin a lùghdachadh gu neoni agus tha sinn airson an t-amas sin a ruighinn ann an dòigh a tha cothromach dhan a h-uile duine.

"Sna bliadhnaichean ri teachd, tha cothroman mòra gu bhith an cois a bhith a' gluasad a dh'ionnsaigh cumhachd nach e a-mhàin nas uaine ach cuideachd nas saoire agus nas cinntiche.

"Tha fios againn gum bi dùbhlain ann lìonraidhean dealain nach sgaoil càrbon neo a lùghdaicheas eimiseanan gu mòr ann an sgìrean far an lìonra - gu h-àraid sna h-eileanan agus sgìrean dùthchail.

"'S e sin as coireach gu bheil sinn airson taic a thoirt dhaibh-san fo sgeamaichean mar CARES airson dèanamh cinnteach gun coilean sinn ar targaidean a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde airson saoghal nas uaine agus nas cothromaiche a dhèanamh dhan a h-uile duine."