
Tha Sìldeag air Taobh Siar Rois am measg nan coimhearsnachdan a fhuair maoineachadh.
Tha Stòras Fearainn na h-Alba air maoineachadh luach £2,754,897 a thoirt do dhusan buidheann air feadh na dùthcha.
Am measg nan àitichean a fhuair taic-airgid tha Urras Dualchais an Taobh Tuath anns na Hearadh a tha a' faighinn £239,000.
Cleachdaidh iad am maoineachadh gus an seann taigh sgoile agus trì pìosan fearainn a cheannach san sgìre.
Cuideachd leigidh seo leotha leasachadh a dhèanamh air ionad Seallam.
Taighean
Fhuair Urras Leasachaidh Finderne ann am Moireibh £331,740 gus fearann a cheannach ann an Rafford far an tèid dusan taigh a thogail.
'S e taighean aig prìs reustanta a bhios ann an 10 dhiubh, agus 's e pàirt de phròiseact nas fharsaing a th' ann a bhios a' toirt a-steach lotaichean agus lios-ùbhlan coimhearsnachd.
Fhuair Coilltean Coimhearsnachd Ghleann Garadh £197,019.
Cosgaidh iadsan an t-airgead gus 117 acairean de Choille Ardachaidh, faisg air Inbhir Gharadh a cheannach.
Tha iad an dùil croitean-coille a stèidheachadh an sin agus cuideachd goireasan coimhearsnachd.
Air Taobh Siar Rois fhuair Iomairt Coimhearsnachd Loch Iùbh £232,118 a chleachdas iad airson an aon bhùth sa bhaile a cheannach.
Deatamach
Cumaidh seo goireasan deatamach leithid Oifis a' Phùist sa sgìre.
Agus fhuair Comunn Coimhearsnachd Shìldeig £49,080 gus talla a' bhaile a cheannach, gus an urrainn dhaibh a chumail fosgailte.
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd 's Ath-leasachadh an Fhearainn, Màiri NicAilein: "Tha e sgoinneil fhaicinn mar a tha iomadh pròiseact eadar-dhealaichte a' faighinn buannachd bho Stòras Fearainn na h-Alba."
"Le taic bhon stòras seo, tha coimhearsnachdan air feadh na h-Alba a' gabhail sealbh thairis air fearann agus toglaichean a tha cudromach dhaibh."