
Thuirt Ceannard Sheòmraichean Malairt Inbhir Nis gu bheil dragh air gum bi call cosnaidh ann an gnìomhachas na h-aoigheachd air a' Ghàidhealachd ri linn sgapadh srèana Omicron dhen Choròna-bhìoras.
Tha Stiùbhart Nicol dhen bheachd gu bheil bacaidhean ùra a' tighinn aig fìor dhroch àm.
Le bacaidhean ùra a' tighinn a-steach anns na làithean ri thighinn ann an oidhirp dèiligeadh ri àireamhan àrda de dh'Omicron, tha dragh air mòran ann an gnìomhachas na h-aoigheachd mun bhuaidh a bhios orra.
Thuirt Mgr Nicol, gu bheil iad ag aithneachadh a' chunnairt a th' ann le srèana ùr, ach gur e fìor bhuille a th' ann aig an àm seo den bhliadhna nuair a bha mòran chompanaidhean an dòchas buannachd fhaighinn agus às dèidh bliadhna a bha fìor dhoirbh.
Thuirt Mgr Nicol ged a bhios taic riaghaltais ri fhaighinn nach fhaigh companaidhean fa leth mòran idir.
Dh'innis e gu bheil eagal air gun tèid companaidhean fodha sa bhliadhna ùir le cosnaidhean air an call.