Naidheachdan 11:00m

Sgrùdadh air Covid

Chuir luchd-saidheans agus dotairean fàilte le faiceall air dà sgrudadh anns an Rìoghachd Aonaichte anns a bheil coltas nach eil srèana Omicron a' choròna-bhìorais cho làidir ri srèana Delta agus gu bheil nas lugha a' dol dhan ospadal leis. Ach thàinig rabhadh bhuapa gum faodadh an NHS fulang gu dona fhathast fo suaile den bhìoras nuair a sgapas Omicron dha na ginealaichean as sine. Thuirt Sràid Downing gu bheil an riaghaltas a' cumail sùil air an fhiosrachadh.

Covid an Alba

Dh'innis Leas Phrìomh Mhinstear na h-Alba, John Swinney, gum bi clubaichean-oidhche ann an Alba a' dùnadh airson trì seachdainean - a' tòiseachadh air an t-seachdamh là fichead den mhìos. Bidh cead aca a bhith fosgailte agus deoch a reic mar thaighe-seinnse le frithealadh air na bùird. Dh'innis Mgr Swinney do chomataidh ath-bheothachaidh Chovid ann am Pàrlamaid na h-Alba gum faigh na clubaichean a bhios dùinte taic-airgid. Tha sin a bharrachd air na bacaidhean ùra a chaidh ainmeachadh Diluain agus a thòisicheas air an t-siathamh là fichead.

Foghlam Gàidhlig Obar Dheathain

Tha Comhairle Baile Obar Dheathain an dùil gluasad air adhart le plana airson sgìrean-sgoile mar mhodail airson foghlam Gàidhlig a dh'aindeoin 's gun deach mòr-chuid an aghaidh sin ann an co-chomhairle air a' chuis. Tha am plana a' cur dragh air Bòrd na Gàidhlig agus air Comann nam Pàrant ach tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil Achd an Fhoghlaim a' cur dleastanas orra na sgìrean seo a stèidheachadh. Thuirt Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig, Jim Whannel, gun tog iad na draghan sin uair eile leis a' chomhairle agus gum bi iad a' faighneachd carson nach eil an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig a' fàs ann an Obar Dheathain mar a tha ann an sgìrean eile. Thuirt Comhairle Baile Obar Dheathain gum bi co-dhùnadh ann aig Comataidh Foghlaim na comhairle air an ath-mhìos.

Teine

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu teine air bus anns an Ath Leathann san Eilean Sgitheanach anns a' mhadainn an-diugh. Chaidh fios air na seirbhisean èiginn mun teine sa bhus faisg air Oifis a' Phuist anns an Ath Leathann goirid ro sheachd uairean sa mhadainn. Chan eil mòran an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo.