
Tha riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air maoineachadh de £75m a chomharrachadh airson iasgach.
Thuirt an riaghaltas gum faigheadh coimhearsnachdan mu na costaichean agus coimhearsnachdan iasgach buannachd bhon mhaoineachadh seo.
Thèid £65m a chosg air pròiseactan bun-structur leithid a bhith a' leasachadh agus ag ùrachadh phuirt is chalaidhean.
Chuir buidhnean iasgach fàilte air an naidheachd agus thuirt iad gu bheil cùisean air a bhith dùbhlannach bho thachair Brexit.
Ach rinn riaghaltas na h-Alba càineadh air an naidheachd agus iad ag ràdh seach gu bheil iasgach na chùis airson pàrlamaid Holyrood, gum bu chòir dha a bhith an urra ri ministearan Albannach roghnachadh càit am bu chòir maoineachadh sam bith a dhol.
Seach gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air taobh a-muigh margaidh shingilte an Aonaidh Eòrpaich, tha riaghailtean cuspainn ùra agus sgrùdaidhean slàinte ùra air dàil is ùpraid adhbhrachadh san roinn.
Tha cuideachd duilgheadasan air a bhith aig cuid a' fastadh luchd-obrach airson a bhith ri iasgach.
Thèid suas ri £10m dhan airgead ùr a chaidh ainmeachadh a chosg air a bhith brosnachadh dhaoine gus a dhol an-sàs anns an obair - an dà chuid iasgach agus giollachd èisg.