
Tha innealan lorgaidh ga chur air bradain fhiadhaich airson rannsachadh a dhèanamh air na slighean a tha iad a' gabhail à aibhnichean na h-Alba chun a' Chuan Shiair.
Le àireamh nam bradan fiadhaich air a bhith a' crìonadh gu mòr anns na bliadhnachan a chaidh seachad, tha am pròiseact a' faighinn £400,000 bho Riaghaltas na h-Alba feuch am faighear a-mach dè tha a' tachairt dhaibh.
Bidh luchd-saidheans a' cur inneal beag am broinn bradain òig a bhitheas a' sealltainn càite a bheil iad a' dol aon uair 's gum fàg iad aibhnichean na h-Alba.
Rannsachadh Leantainneach
Seo an dàrna bliadhna den rannsachadh a th'air a ruith le Urras Bhradain a' Chuain Shiair agus Buidheann Stiùiridh Iasgach na h-Alba.
Tha iad a' cumail sùil air deich aibhnichean bho Linne Shabhlaigh anns a' cheann a deas, cuid anns na h-Eileanan an Iar, agus feadhainn ann an Cataibh aig tuath.
Thuirt iad gu bheil iad a' faighinn taic ionadail leis gu bheil na daoine a tha a' coimhead as dèidh na h-aibhnichean airson tuigsinn dè tha tachairt dha na bradain.
Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gu bheil e cudromach gun tig piseach air stoc a' bhradain 's gum bi sin na bhuannachd dhan a' choimhearsnachd, gu h-àraidh a thaobh na h-eaconamaidh.
Tha dùil gum foilsich an riaghaltas ro-innleachd ùr air bradain fhiadhaich an ath bhliadhna.