Goireasan conaltraidh ùra aig stèiseanan rèile

  • Air fhoillseachadh
Trèana

Thòisich obair airson innealan conalatraidh a chur an sàs aig 8 stèiseanan-rèile air a' Ghàidhealtachd airson cothrom a thoirt do luchd-siubhail, fios a chur air draibhearan trèana gu bheil ag iarraidh a thighinn air bòrd.

An-dràsta ann an àiteachan mar Chille Donain, Allt nam Breac agus Ceann a' Bhràist feumaidh daoine smèideadh dhan dràibhear feuch an stad iad.

Cosgaidh an obair aig a' chompanaidh Network Rail timcheall air £5m.

'S iad Caladal nan Gall, Allt nam Breac, Ceann a' Bhràist, Cill Donnain, Caisteal Dhùn Robain, Roaird, Inbhir Sin agus Cùil Rathain na stèiseanan a gheibh na goireasan ùra.

Nì na h-innealan-conaltraidh cùisean nas fhasa do luchd-siubhail fios a chur chun an draibhear gu bheil iad 'son tighinn air bòrd.

Thuirt Network Rail gum faca iad barrachd dhaoine a' tighinn dhan Ghàidhealtachd tron phandemic 's gu bheil iad an dòchas gum brosnaich seo barrachd dhaoine tighinn dhan sgìre leis gum bi e furasda iarratas a chur dhan draibhear airson stad.