Naidheachdan 11:00m

Oidhche Challainn

Bidh feadhainn de chuirmean 's cèilidhean na Bliadhna Ùire a-nochd nas lugha na bhathar an dòchas le bacaidhean ùra ron Choròna-bhìoras a-nise an sàs ann an Alba bho thoiseach na seachdain seo. Tha cuingealachadh a-nis air an àireamh dhaoine as urrainn a bhith còmhla ann an diofar shuidheachaidhean. 100 a-staigh ma tha iad nan seasamh; 200 ma tha iad nan suidhe, agus 500 a-mhàin a-muigh. Chan urrainn do dhaoine ach bho uiread ri trì dhachaighean eadar-dhealaichte a bhith nan suidhe còmhla ann an taighean-seinnse is eile a' bharrachd.

Covid

Bha a-rithist an-dè an àireamh as motha riamh de chùisean ùra Chovid ann an aon là air an dearbhadh ann an Alba. Bha sin aig còrr math air 16,000.

Aig tuath tha an NHS air a' Ghàidhealtachd 's NHS nan Eilean Siar le chèile ag iarraidh air daoine a bhith air am faiceall aig a' Bhliadhna Ùir ri linn a' chunnairt a th' ann bhon bhìoras. Tha àireamhan àrda de chùisean ùra air a bhith anns na sgìrean seo cuideachd tro na làithean mu dheireadh agus sin a' fàgail uallach air seirbheisean slàinte.

Sasainn

Tha fiosrachadh ùr ag innse gun robh an àireamh de luchd-obrach anns an NHS ann an Sasainn a bha far an obair le Covid suas còrr air 40% tro sheachdain na Nollaige. Bha còrr air 25,000 duine far an obair aig ospadalan Shasainn gach là ri linn a' bhìorais.

Lunnainn

Thuirt na Poilis ann an Lunnainn gun do chaochail balach aois 16 bliadhna às dèidh a bhith air a shàthadh air taobh siar a' bhaile an-raoir. Tha sin a thuilleadh air balach aois 15 bliadhna a bh' air a shàthadh air taobh a deas Lunnainn mun aon àm. Tha sin a' ciallachadh gun deach a-nise 30 duine de dheugairean a mharbhadh anns a' bhaile air a' bhliadhna seo. Siud an àireamh a b' àirde riamh a chaidh a chlàradh - leis an àireamh a b' àirde ron seo ann an 2008.

Colorado

Tha teine mòr faisg air Denver ann an Stàit Cholorado anns na Stàitean Aonaichte air sgrios a dhèanamh air na ceudan dhachannan, 's cuideachd air taigh-òsta 's ionad bhùithdean. B' fheudar còrr air 30,000 duine a chur a-mach às na dachannan aca. Thathas ag ràdh gur e seo an teine a bu mhilltiche a bha san stàit bho chionn fhada, agus gun dùil ris a leithid idir aig an àm seo den bhliadhna.