
Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air an tuilleadh riaghailtean a chur an sàs do luchd-tadhail aig na h-ospadalan dùthchail aca ann an oidhirp bacadh a chur air sgapadh a' Choròna-bhìorais.
Chan eil ach tadhal air adhbharan riatanach a-niste ceadaichte aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan, Ospadal Latharna agus nan Eilean san Òban agus Ospadal Ghallaibh an Inbhir Ùige.
Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh riaghailtean den t-seòrsa a chur an sàs aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus Ospadal New Craigs an Inbhir Nis.
Chaidh 1,013 cùisean ùra de Chovid a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd Dimàirt - an àireamh as motha fhathast bho thòisich am pandemic.