Ionnsaigh Arena Mhanchester: Carragh-chuimhne a' fosgladh dhan phoball

  • Air fhoillseachadh
ManchesterTùs an deilbh, PA Media

Tha carragh-chuimhne dhan 22 duine a dh'eug ann an ionnsaigh Arena Mhanchester air fosgladh dhan phoball.

'S e halo geal air a dhèanamh le marmor a th' innte, air a bheil ainmean an fheadhainn a chaidh a mharbhadh san ionnsaigh ann an 2017, Eilidh NicLeoid à Barraigh nam measg.

'S e The Glade of Light an t-ainm a th' air a' charragh-chuimhne.

Tha lusan bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte na lùib, a bhios le diofar dhathan aig diofar amannan den bhliadhna.

Tha craobh-sgithich sa mheadhan a bhios fo bhlàth timcheall air a' cheann-bhliadhna sa Chèitean gach bliadhna.

Capsailean cuimhneachaidh

Fhuair teaghlaichean an fheadhainn a dh'eug cothrom capsailean cuimhneachaidh a chruthachadh, a' glèidheadh nithean agus teachdaireachdan pearsanta taobh a-staigh na carraighe-cuimhne.

Fhuair iad cuideachd cothrom tadhail oirre mus do dh'fhosgail i dhan phoball Diluain.

Ann an "Cridhe Mhanchester"

Thuirt Bev Craig, Ceannard Chomhairle Mhanchester: "Cha dìochuimhnich sinn a-chaoidh an fheadhainn a chaill am beatha air 22na Cèitean 2017.

"Tha àite maireannach aca mar-thà ann an cridheachan muinntir Mhanchester.

"A-nis tha carragh-chuimhne mhaireannach aca ann an cridhe a' bhaile.

"'S e cuimhneachan air leth brèagha a th' anns The Glade of Light dhaibhsan agus 's e àite a th' ann a bhios a' ciallachadh mòran dhan a h-uile neach air an tug an ionnsaigh buaidh."

Tha a' charragh-chuimhne air a stèidheachadh faisg air cathair-eaglais Mhanchester, far a bheil Sràid Fennel a' coinneachadh Sràid Bhictòria.

Thathar an dùil tachartas fosglaidh oifigeil a chumail as t-Earrach.