A bheil thu nad Shiarach?

  • Air fhoillseachadh
Geàrrloch

Thathar a' brosnachadh luchd-turais barrachd ùine a chur seachad air Taobh Siar Rois nan saor-làithean seach dìreach a bhith a' siubhal troimhe.

'S e a' bhuidheann shaor-thoileach, Visit Wester Ross, a th' air cùl na h-iomairt ùire air a bheil Are You a West Coaster.

Thuirt iad gur e daoine aig a bheil spèis dhan sgìre agus an fheadhainn a tha a' dèanamh an dachaigh ann air a bheil iad ag amas.

Tha iad air sreath fhilmichean a dhèanamh far a bheil daoine a bhuineas dhan sgìre ag innse cò ris a bheil e coltach a bhith a' fuireach ann.

Air ur socair

Tha inbhe Biosphere UNESCO aig Taobh Siar Rois agus tha an sgìre air slighe thrang an NC500, iomairt a th' air mòran a bharrachd luchd-turais a thàladh ann.

Ach tha Visit Wester Ross ag iarraidh air luchd-siubhail gun cabhag a bhith orra agus gum fuirich iad ann nas fhaide seach fèineag a thogail agus falbh.

Mhìnich Co-òrdanaiche Visit Wester Ross, Dùghlas Gibson: "'S e luchd-turais aig a bheil an aon mheas dhan àrainneachd agus dhan chultar 's a th' aig muinntir na sgìre fhèin air a bheil sinn airson fàilte a chur.

"Chaidh an tìr agus an dualchas a chruthachadh thairis air ùine mhòir agus, mar an ceudna, cha leigear a leas cabhag a bhith air daoine."

Rinn a' bhuidheann sreath fhilmichean sa bheil luchd-gnothachais ionadail a' bruidhinn mu na h-amasan aca a thaobh turasachd sheasmhaich agus a' faighneachd, "An e Siarach a th' annaibh?"

A' tòiseachadh Dihaoine an 7mh là den Fhaoilleach, bidh iad a' craoladh film gach Dihaoine airson sia seachdainnean air na meadhanan sòisealta aca.