
Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' leantainn orra a' cur dàil rè ùine air cùram agus leigheas neo-riatanach.
Thuirt iad gur e co-dhùnadh duilich a bha seo ach gum feum iad aig an ìre seo prìomhachas a thoirt dhan fheadhainn as motha a tha feumach air taic.
Tha sin a' gabhail a-steach chùisean aillse, chùisean riantanach eile agus cùraim ris nach robh dùil.
Thèid fios a chur air euslaintich eile 'son ceann-là ùr a thoirt dhaibh.
Thuirt am bòrd mura cluinn euslaintich bhuapa gu bheil sin a' ciallachadh gun tèid an cùram ris an robh dùil air adhart.
Uallach
"Tha uallach mòr air seirbheisean an-dràsta is tha dùil gun lean sin is gum fàs e anns na seachdainean ri tighinn", thuirt àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson.
"Tha seo a' fàgail gum feum sinn leantainn oirnn le dìon a chur air cuid de sheirbheisean gus taic a chumail ris an fheadhainn as motha a tha feumach air cùram.
"Tha sinn duilich mun seo is tillidh sinn gu seirbheis àbhaisteach cho luath 's a tha sinn cinnteach gu bheil e sàbhailte sin a dhèanamh", thuirt e.
Thèid measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh a-rithist aig deireadh na mìos.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Samhain 2021
