Coilearan-dealain gan cleachdadh le stoc ann an Leòdhas

Tha teicneòlas ùr ga chleachdadh ann an ceann a tuath Leòdhais ann an oidhirp an àrainneachd timcheall aon locha a leasachadh agus tuilleadh eòin a thàladh ann.

Airson an talamh aig Loch Stiapabhat ann an Nis a' dhèanamh nas fhreagarraiche, feumaidh crodh a bhith ag ionaltradh ann, ach airson an cumail sàbhailte agus san sgìre cheart thathas a' cur coilear-dealain air gach beathach.

Tha tuilleadh aig Ailig John Moireasdan.