
Tha gnothachasan aoigheachd air a' Ghàidhealtachd am measg na tha a' togail dhraghan mun bhuaidh a th' aig riaghailtean Covid orra.
Tha cuid sa ghnìomhachas a' ceasnachadh carson a dh' fheumas iad fuireach co-dhiù cola-deug eile mus tèid na riaghailtean a th' orra a thogail.
Dhearbh Prìomh Mhinistear na h-Alba Dimàirt gum falbh bacaidhean aig tachartasan mòra a-muigh mar gheamaichean ball-coise is cuirmean-ciùil bho thoiseach na h-ath-sheachdain, ged a bhios sgrùdadh ann fhathast air suidheachadh banachdaich cuid a bhios an làthair.
Thuirt Nicola Sturgeon gun robh i an dòchas na bacaidhean air tachartasan poblach a-staigh agus gnìomhachas na h-aoigheachd a thogail air an 24mh den mhìos.
Aig an ìre seo, feumaidh astarachadh-sòisealta a bhith ann an taighean-seinnse is taighean-bìdh le frithealadh air na bùird.
Thuirt Comann Chompanaidhean Ceadachd na h-Alba gun robh am fiosrachadh às ùr bhon Phrìomh Mhinistear air mì-chinnt mhòr fhàgail sa ghnìomhachas.
Rabhadh
Thug iad rabhadh seachad cuideachd gun toireadh leudachadh sam bith ann an sgeama an teisteanais bhanachdaich droch bhuaidh air companaidhean aoigheachd.
Tha feadhainn air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' call a-mach aig àm a tha gu traidiseanta glè chudromach dhan ghnìomhachas.
"Mar as trice bidh sinn a' dèanamh glè mhath thairis air àm na Nollaige is na Bliadhna Ùire", thuirt Friseal MacMhathain, aig a bheil taigh-aoigheachd ann an Inbhir Nis.
"Bidh feadhainn às na h-eileanan a' tadhal airson a dhol dha na bùithtean is daoine a tha a' dol gu pàrtaidhean.
"Chaill sinn sin air fad. Tha cùisean a' coimhead nas fheàrr anns na mìosan ri tighinn ach dhèanadh e feum mòr nan rachadh bacaidhean a thogail.
"Dhèanadh e feum gu sònraichte cuideachd nam biodh riaghailtean a thaobh cuarantain do dhaoine à thall-thairis air an togail.
"Bheireadh sin misneachd dhaibhsan tilleadh", thuirt e.