Èisteachdan Cloinne na h-Alba a' sireadh taice

  • Air fhoillseachadh
Èisteachdan Cloinne na h-Alba

Thathas a' sireadh dhaoine bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson a dhol an sàs ann an siostam èisteachdan na cloinne an Alba.

Dh'innis a' bhuidheann Èisteachdan Cloinne na h-Alba gu bheil a' sireadh 60 duine air a' Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh agus 12 anns na h-Eileanan an Iar agus Earra-Ghàidheil.

Thuirt iad gu bheil iad feumach air barrachd fhireannach gu sònraichte.

Mar as trice 's iad fireannaich a th' ann an 25% dhen fheadhainn a chuireas iad fhèin air adhart 'son na h-obrach.

Thuirt Èisteachdan Cloinne na h-Alba gu bheil iad a' sireadh beagan a bharrachd na sin an turas seo leis gun do dh'atharraich an reachdas a th' ann a thaobh na th' ann de dhiofar gnèithean air panailean.

"Tha cuid de na buill againn, 's e luchd-obrach deatamach a th' annta, tha feadhainn eile a tha a' cumail fa leth air sgath suidheachadh a' Choròna-bhìorais", thuirt àrd-oifigear na buidhne, Elliot Jackson.

"Tha e cho cudromach dhuinn gum faigh sinn barrachd dhaoine is tha sinn an dòchas leis an iomairt seo gun tèid againn air feadhainn ùra a thàladh bho air feadh na h-Alba", thuirt e.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun iomairt an seo, taobh a-muigh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh