
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' feuchainn sgeama pìleat fo an ceannaich iad taighean bho dhaoine prìobhaideach ann an oidhirp na th' aca de thaigheadas shòisealta a leudachadh.
Tha an t-ùghdarras ionadail an dòchas gun toir am plana faothachadh do liosta feitheimh an taigheadais aca.
Tha oifigich na Comhairle ag iarraidh air duine sam bith a tha a' beachdachadh air taigh a reic - gu h-àraid ma tha trì, ceithir no còig seòmraichean cadail ann - bruidhinn ris a' Chomhairle an toiseach.
Thuirt a' Chomhairle gur ann a bharrachd air taighean ùra sòisealta a thogail a bhiodh ceannach sam bith a dhèanadh iad.
Dh'innis iad gum beachdaich iad air taighean ann an sgìre sam bith den Ghàidhealtachd ma tha iad freagarrach.
Innsidh iad a' phrìs a bhiodh deònach pàigheadh is cha bhi Aithisg Taighe a dhìth.
Bu chòir duine sam bith le ùidh sa chùis fios a chur air Comhairle na Gàidhealtachd, taobh a-muigh.