
Thuirt BPA nan Eilean Siar gu bheil gainnead luchd-obrach ann an cuid de roinnean a' toirt buaidh mhòr air an sgìre.
Bha Alasdair Allan a' bruidhinn agus Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood air a bhith a' deasbad buaidh Bhrexit air sgìrean dùthchail is eileanach.
Tha Riaghaltas na h-Alba air litir, taobh a-muigh a chur gu Ministear Inimrich na Rìoghachd Aonaichte mu sgeama paidhleit feuch dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh anns na sgìrean seo.
Chaidh trì molaidhean a chur air adhart:
Siostam far am biodh faochadh air na riaghailtean 'son luchd-obrach le sgilean sònraichte ann an cuid de roinnean
Bhiosa Albannach a' togail air molaidhean a chuir Riaghaltas na h-Alba roimhe, a-rithist ag amas air cuid de roinnean gu sònraichte
Siostam stèidhichte air sgeama paidhleit air Taobh Sear Chanada le co-obrachachadh eadar ùghdarrasan ionadail, luchd-fasdaidh is an roinn saor-thoileach. Tha seo ag amas air luchd-fastaidh a chuideachadh daoine bhon taobh a-muigh a lorg le na sgilean a tha a dhìth airson dreuchdan a tha bàn
Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' dol an sàs ann an còmhraidhean mu na molaidhean le ùghdarrasan ionadail is eile, is gum bi iad 'son coinneachadh ri Riaghaltas Westminster às dèidh sin gus bruidhinn mun t-slighe air adhart.
Crìonadh sluaigh
Dh'innis Alasdair Allan gu bheil e a' cur fàilte air na molaidhean is gu bheil cruaidh fheum air barrachd luchd-obrach anns na h-Eileanan an Iar.
"Tha sinn an còmhnaidh a' bruidhinn mu chrìonadh an t-sluaigh anns na h-Eileanan, ach tha fios aig a h-uile duine a tha a' ruith gnìomhachas sam bith anns na h-Eileanan gu bheil gainnead luchd-obrach ann", thuirt e.
"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn mun chuspair bho chionn fhada agus a' faighneachd carson nach eil sgeamaichean ann bho Riaghaltas Bhreatainn, aig a bheil cumhachd thairis air rudan mar bhiosa-an, airson a bhith a' dèiligeadh le gainnead luchd-obrach.
Dh'innis Mgr Allan gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh fharsaing air an sgìre.
"Tha gnìomhachasan anns na h-Eileanan a' bruidhnn rium is ag ràdh gun robh luchd-obrach ann agus chan eil iad ann a-nise.
"Chan e dìreach buaidh air gnìomhachasan a tha sin, tha e a' ciallachadh rudeigin airson sgoiltean beaga agus airson choimhearsnachdan.
"Mura bi sinn fosgailte ri daoine bho àiteachan eile bidh sinn ann an staing", thuirt e.