Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist mhairbhteach

  • Air fhoillseachadh
Poilis

Rinn Poileas Alba tagradh airson fiosrachaidh às dèidh tubaist air an A96 aig Allt Èireann Diciadain.

Chaill duine, 78, a bheatha.

Dh'innis na poilis gun do thachair an tubaist eadar Mercedes A250 agus tractar mu 5.05f. Diciadain.

Chaidh na seirbheisean èiginn ann ach chaochail fireannach a bha a' draibheadh a' Mhercedes aig làrach na tubaist.

Cha deach draibhear an tractair a ghoirteachadh.

Rannsachadh

Bha an rathad dùinte fad còrr is ochd uairean a thìde.

Tha rannsachadh nam poileas a' leantainn is tha iad 'son bruidhinn ri duine sam bith a bha anns an sgìre aig an àm.

"Tha ar smuaintean le teaghlach is caraidean an duine a chaill a bheatha", thuirt an Sàirdseant Eòghan Calder.

"Tha sinn ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh no dealbhan dashcam tighinn air adhart.

"Ma bha thu san sgìre aig an àm, no ma tha thu a' smaointinn gum faca tu gin de na carbadan ro-làimhe, bu chòir fònadh thugainn air 101 is àireamh 2255 12/01 a thoirt seachad", thuirt e.