Bhideo ùr de mhathan bàn òg Cheann na Creige

  • Air fhoillseachadh
Mathan bàn ògTùs an deilbh, Comann Rìoghail Ainmh-eòlach na h-Alba

Tha i rudeigin fuar fhathast, tha bacaidhean Covid a' leantainn, is tha gu leòr againn nach eil buileach air faighin gu dol ceart às dèidh na Nollaige is na Bliadhna Ùire.

Dè b' fheàrr na gabhail air do shochair treis, beagan plòigh is an uairsin norrag bheag.

'S e sin an saoghal a th' aig mathan bàn òg Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd, tha e coltach, is màmaidh a' cumail sùil aig an dearbh àm.

Sgaoil Comann Rìoghail Ainmh-eòlach na h-Alba dealbhan is bhideo, taobh a-muigh den chuilean is coltas gu math dòigheil air.

Rugadh an cuilean aig a' phàirce ann am meadhan na Dùbhlachd.

Sònraichte

Chan eil fios fhathast an e mathan boireann no fireann a th' ann. Gheibh luchd-obrach na pàirce a-mach as t-earrach nuair a bhios cothrom aca sgrùdadh slàinte a dhèanamh.

Gheibh am mathan òg ainm an uairsin cuideachd.

Chan fhaigh feadhainn a tha tadhal air a' phairc cothrom an cuilean fhaicinn 'son treis fhathast nas motha. An-dràsta tha an cuilean is a mhàthair, Bhictoria, ann an aonad sònraichte dhaibh fhèin.

Seo an dàrna cuilean a bh' aig Bhictoria.

Chaidh Hamish a bhreith ann a 2017 - a' chiad mhathan bàn a rugadh anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 25 bliadhna.

Ghluais esan far na Gàidhealtachd san t-Samhain an-uiridh agus tha e an-diugh a' fuireach ann am pàirce fiadh-bheathaichean Yorkshire.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh