Naidheachdan 11:00m

Boris Johnson

Tha buill den Chaibineat air a bhith a' cur taic ri Boris Johnson às dèidh do chuid de bhuill Thòraidheach iarraidh air a dhreuchd a leigeil seachad. Thabhann am Prìomhaire a leisgeul an-dè airson a bhith aig pàrtaidh ann an gàrradh Sràid Dhowning tron ghlasadh-sluaigh. Tharraing Mgr Johnson a-mach à turas gu clionaig banachdaich an-diugh an dèidh do bhall den teaghlach aige dearbhadh fhaighinn gun robh Covid orra. Thuirt neach-labhairt bho Shràid Dhowning gun robh Mgr Johnson a' leantainn riaghailtean Chovid 's nach robh e a' dol am measg dhaoine.

An t-Oll. Sir Johnathan Van Tam

Tha leas-àrd-oifigeach meadaigeach Shasainn, an t-Oll. Sir Jonathan Van Tam, a' fàgail a dhreuchd. Dh'innis Rùnaire na Slàinte, Sajid Javid, gum bi e a' fàgail na h-obrach anns a' Mhàrt. Chaidh Mgr Van Tam fo-fhastadh bho Oilthigh Nottingham ann an 2017, agus thathas a' tuigsinn gu bheil e a' tilleadh dhan oilthigh gu dreuchd iar-leas-seansalair Roinn an Eòlais Leigheis agus Saidheansan Slàinte.

An Fhraing

Tha an Fhraing a' dol a lagachadh riaghailtean Covid airson luchd-siubhail às an Rìoghachd Aonaichte. Bho a-màireach cha bhi aig daoine a th' air na banachdaichean fhaighinn ri dearbhadh gu bheil adhbhar riatanach airson an turais aca, air neo iad fhèin a chumail air leth nuair a ruigeas iad. Bidh aig luchd-siubhail fhathast ge-tà, ri deuchainn PCR a dhèanamh 24 uairean ron turas a dhearbhas nach eil Coròna-bhìoras orra.

Allt Èireann

Bhàsaich fireannach an dèidh tubaist leis a' chàr aige agus tractar air a' Ghàidhealtachd. Thachair an tubaist air an A96 aig Allt Èireann faisg air Inbhir Narann mu 5:00f an-raoir. Thuirt na Poilis gun do bhàsaich an duine, aois 78, aig làrach na tubaiste. Cha deach dràibhear an tractair a ghoirteachadh. Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a chunnaic na thachair fios a chur thuca.

M&S is Tesco

Dh'aithris Marks and Spencer gun deach na reic iad anns na seachdainnean suas gu ruige na Nollaige suas 19% air a' bhliadhna ron sin. Thuirt a' chompanaidh nach do reic iad uimhir de bhiadh a-riamh anns an t-seachdain ron Nollaig. Chaidh na reic Tesco an-àirde cuideachd. Dh'innis iadsan gu bheil iad a' cumail an 13,000 luchd-obrach a chaidh fhastadh air cùmhnantan goirid airson an cuideachadh leis na tha de luchd-obrach dheth ri linn Chovid.