Comhairle gus bhòtadh air clubaichean taisbeanaidh feise

  • Air fhoillseachadh
Private EyesTùs an deilbh, Google

Tha Comhairle na Gàidhealtachd gus bhòtadh air cia mheud cluba taisbeanaidh feise aig am biodh cead obrachadh san sgìre.

Dh'aontaich an t-ùghdarras san Damhair gum bu chòir siostam ceadachd a stèidheachadh.

Tha iad den bheachd gun toir seo dhaibh barrachd smachd air mar a tha clubaichean den leithid ag obrachadh is gun cuidich e ann a bhith a' cur dìon air an fheadhainn a tha ag obair annta.

Fhreagair 210 duine co-chomhairle mun chùis an-uiridh.

Bha 48% de dhaoine den bheachd nach robh clubaichean taisbeanaidh feise freagarrach ann an ceàrnaidh sam bith den Ghàidhealtachd.

An-dràsta chan eil ach aonan dhiubh air a' Ghàidhealtachd - Cluba Private Eyes ann an Inbhir Nis.

Coinnichidh comhairlichean Dimàirt, taobh a-muigh seo tighinn gus beachdachadh air a' chùis.

Bidh roghainn aca aona sgìre ceadachd a stèidheachadh airson na Gàidhealtachd gu lèir, no grunn sgìrean nas lugha, no gun stèidhich iad an àireamh de chlubaichean le cead aig neoni.