"Cothroman mòra" às dèidh a' phandemic - HIE

  • Air fhoillseachadh
Ag obair aig an taigh

Thuirt àrd-stiùiriche ùr Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil cothroman mòra ann airson na sgìre san oidhirp gluasad seachad air pandemic Chovid.

Thòisich Stiùbhart Black na dhreuchd nas tràithe air a' mhìos.

Thuirt Mgr Black gum bi e ag amas air taic a chumail ri gnothachasan gus gluasad gu dòighean-obrach nas uaine agus a' feuchainn ri obraichean ùra a chruthachadh.

Dh'innis e ge-tà, gur e an rud as cudromaiche an-dràsta a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a chuideachadh seachad air buaidh staing Chovid-19.

Is a rèir Mhgr Black, tha cuid de rudan air tighinn às a' phandemic a dh'fhaodadh a bhith gu buannachd na sgìre.

"Tha daoine a-nise gu math eòlach air obrachadh bhon taigh is tha seo air cothroman mòra fhosgladh dhuinn", thuirt e.

Fàs

"Tha sinn a' faighinn barrachd obraichean a' tighinn chun na sgìre is daoine a' toirt an cuid obrach còmhla riutha.

"Chan eil far a bheil obraichean fhèin stèidhichte a-nise ceangailte ri far a bheil daoine a' fuireach mar a bha, tha roghainn ann.

"Tha buannachdan mòra ann dhuinn le daoine ag obair air-loidhne", thuirt e.

Tha Mgr Black ag ràdh cuideachd gun tàinig barrachd dhaoine bho air feadh na dùthcha air làithean-saora chun na Gàidhealtachd san dà bhliadhna mu dheireadh ri linn Chovid.

Thuirt e gun till mòran dhiubh, cho math ri feadhainn à thall-thairis a' tilleadh mar a dh'fhàsas cùisean nas fheàrr.

Dh'innis Mgr Black gum feum brath a ghabhail air na cothroman seo gus an eaconomaidh fhàs air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, is na buannachdan a sgaoileadh a-mach gu gach ceàrn.