Coilltean Bheinn Eighe ag ùrachadh gu nàdarra

  • Air fhoillseachadh
Beinn EigheTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe.

Thèid na coilltean ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe air Taobh Siar Rois fhàgail airson ùrachadh leotha fhèin airson a' chiad turais.

Chaidh tèarmann Bheinn Eighe faisg air Ceann Loch Iù a stèidheachadh ann an 1951 is 's e am fear sine ann am Breatainn.

Sa chiad dol a-mach anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh, bha e na amas a' choille ath-bheòthachadh bho na bloighean de choilltean giuthais nach deach a leagail airson cuideachadh leis a' chogadh.

Thug e 70 bliadhna, ach tha na bloighean sin ceangailte ri chèile a-nis.

Ged a tha pailteas rùim ann airson tuilleadh chraobhan a chur, tha eòlaichean ag ràdh gu bheil e nas fheàrr leigeil leis a' choille ùrachadh gu nàdarra.

A' cur chraobhan an Tèarmann Bheinn Eighe
Fo-thiotal an deilbh,

A' cur chraobhan an Tèarmann Bheinn Eighe

Sin am plana a th' aca a-nis agus thèid na craobhan mu dheireadh - 20,000 aca - a chur timcheall air deireadh na bliadhna.

"Tha na coilltean a chaidh a chur bho 1951 a-nise a' ceangal ri chèile nam pìosan uile de na seann choilltean a bh' ann", dh'innis manaidsear Tèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe, Doug Bartholomew.

"Tha seo air àrainneachd gu math nas làidire a chruthachadh is tha seo fìor chudromach do bheathaichean agus ann a bhith a' strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

"Tha sinn an dòchas a-nise gun tig an tuilleadh fàs nàdarra air na coilltean san ath 70 bliadhna", thuirt e.