Dragh mu cho-chomhairle mu FTMG an Dùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha foghlam àrd-sgoile sa Ghàidhlig an Dùn Èideann an-dràsta aig Sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Tha pàrantan ann an Dùn Èideann a' togail dragh mu phlana Comhairle Dhùn Èideann a dhol air adhart le co-chomhairle reachdail air foghlam Gàidhlig anns a' bhaile.

Coinnichidh comataidh foghlaim an ùghdarrais Diluain, taobh a-muigh seo tighinn gus an gnothach a dheasbad.

Thathas a' moladh cead a thoirt seachad 'son co-chomhairle a bhiodh ann eadar Diluain an 31mh den Fhaoilleach is Dihaoine an 18mh den Mhàrt.

Thuirt Comhairle Dhùn Èideann air a' mhìos seo chaidh gu bheil cruaidh fheum aca gluasad air adhart gus na geallaidhean aca a thaobh foghlam Gàidhlig a leasachadh.

Dh'innis iad gu bheil e deatamach gun tèid foghlam Gàidhlig a leasachadh sa bhaile agus gun tèid dèiligeadh ri cho làn 's a tha Sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Bhiodh a' cho-chomhairle a' sireadh bheachdan air molaidhean gus aonadan ùra Gàidhlig a stèidheachadh aig ìre na bun-sgoile aig Prestonfield ann an ear-dheas Dhùn Èideann is aig Carrick Knowe air taobh siar a' bhaile.

Bhiodh iad seo ann a thuilleadh air Bun-sgoil Taobh na Pàirce.

Àrd-sgoil

A thaobh na h-àrd sgoile, bhiodh a' cho-chomhairle a' sireadh bheachdan air àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Liberton air taobh deas a' bhaile air làrach far am biodh àrd-sgoil Bheurla cuideachd, no àrd-sgoil Ghàidhlig fa leth aig Castlebrae ann an Craigmillar.

Bha a' Chomhairle air innse roimhe gun coimheadadh iad air sgoil Ghàidhlig fa leth aig làrach far an robh Ospadal Rìoghail Bhictoria am meadhan a' bhaile, ach gum feumadh iad taic-airgid £20m bho Riaghaltas na h-Alba 'son a leasachadh.

San aithisg a thèid air beulaibh na comataidh Diluain, thathas ag innse nach d'fhuair a' Chomhairle dearbhadh bhon Riaghaltas air sin is mar sin nach biodh làrach an ospadail sa cho-chomhairle.

Thathas a' tuigsinn ge-tà, gu bheil na còmhraidhean sin a' leantainn fhathast.

Tha Comann nam Pàrant ann an Dùn Èideann a' cumail a-mach, taobh a-muigh nach eil a' Chomhairle air coimhead ris na roghainnean a thaobh àrd-sgoil ann am meadhan a' bhaile ann an doimhneachd gu leòr, is nach tug iad ùine gu leòr seachad 'son chòmhraidhean ris an Riaghaltas.

Tha dragh orra cuideachd nach eil pàrantan air ùine gu leòr fhaighinn beachdachadh air na molaidhean a th' ann mus biodh co-chomhairle ann.

"Chan eil sinne a' creidsinn gu bheil an cuspair seo deiseil airson co-chomhairle oir chan eil sinn a' creidsinn gum biodh na pàrantan a' toirt taic ris", thuirt Caoimhin Leetion bho chomataidh Chomann nam Pàrant an Dùn Èideann.

"Bha iongnadh oirnn gur e roghainn a th' ann an Castlebrae a-nise agus tha tòrr cheistean aig pàrantan fhathast, ceistean mu mar a chruthaicheas sinn àrainneachd bogaidh - rudeigin cho cudromach do dh'fhogham tro mheadhan na Gàidhlig - nuair a bhios cuid de na goireasan air an co-roinn le sgoil a bhios a' teagaisg tro mheadhan na Beurla.

"A bharrachd air a sin, a bheil sgoil ann an ceann a deas a' bhaile freagarrach airson sgoil a bheir seirbheis do Dhùn Èideann gu lèir, agus do sgìre Lodainn san fharsaingeachd?

"Tha a' mhòr-chuid de chloinn ann an FTMG an-dràsta stèidhichte ann an ceann a tuath a' bhaile", thuirt e.

Ùine

Thog Mgr Leetion dragh cuideachd nach eil a' Chomhairle air coimhead ris na roghainnean a thaobh àrd-sgoile ann am meadhan a' bhaile mar a bha còir.

Dh'innis e nach e seo an t-àm 'son co-chomhairle reachdail.

"Cha bhiodh co-chomhairle reachdail ceart aig an àm seo.

"Feumaidh a h-uile duine barrachd ùine airson sgrùdadh a thoirt air na làraichean eile.

"Tha a' Chomhairle ag iarraidh co-dhùnadh ro na taghaidean (sa Chèitean), ach tha feum na cloinne is FTMG nas cudromaiche", thuirt e.

Coinnichidh Comataidh an Fhoghlaim aig 10.00m Diluain.